Luchd Ciùil nan Cuairtean Chèilidh Còmhla
30 June 2008

An t-seachdain seo, tha na h-iomairtean soirbheachail, Cèilidhean air Chuairt, a’ dol air an rathad a-rithist. Ann an 2007, bha cothrom aig barrachd air trichead daoine òga eadar sia bliadhna deug agus fichead bliadhna ‘sa dhà de dh’ aois a chuir seachad an t-samhradh aca a’ toirt ceòl traidiseanta gu luchd-èisteachd timcheall na coimhearsnachdan aca. Am bliadhna, bidh Cèilidh air Chuairt ùr a’ tòiseachadh anns na h-Eileanan Siar, a’ toirt cothrom do dh’ochdnar luchd-ciùil òga tàlantach eile.
Bidh na h-òganaich às na h-Eileanan Siar a’ dol còmhla ri com-pàirtichean à Loch Abar, an t-Eilean Sgitheanach agus Am Monadh Ruadh airson seachdain de thrèanadh aig àrd ìre aig Fèis Alba a chaidh a stèidheachadh anns a’ Phloc beagan bhliadhnaichean air ais. Chleachdaidh an Fhèisnagoireasan air leth a th’ aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd.

 Bheir Fèis Alba an cothrom do chom-pàirtichean ionnsachadh mu dheidhinn sgilean eadar-dhealaichte a bhios feumail dhaibh mar a leasaich iad nan luchd-ciùil. Tha an fhèis, a tha air a mhaoineachadh le Fèisean nan Gàidheal, Comhairle Ealain na h-Alba, Comhairle na Gaidhealtachd agus Iomairt na Gaidhealtachd ’s nan Eilean, feumail gu h-àraidh airson com-pàirtichean nan Cèilidhean air Chuairt. Tha i a’ toirt cothrom trèanadh ciùil a dhèanadh, agus cothrom do dh’òganaich leis an aon seòrsa ùidhean a thighinn ri chèile.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Fhèisean nan Gàidheal, Nicola Marshall: “Thairis nam bliadhnaichean a chaidh seachad tha Fèis Alba air leasachaidhean mòr a chuir an gnìomh a thaobh trèanaidh aig àrd ìre a thoirt don luchd-ciùil òga agus tha sinn a' faicinn gu bheil ìre nam com-pàirtichean a fàs nas fheàrr agus nas fheàrr. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr Cèilidhean air Chuairt fhaicinn a leudachadh anns na h-Eileanan Siar agus ann an àiteachan eile anns na bliadhnaichean ri teachd.

 Gheibh com-pàirtichean buannachdan bho luchd-teagaisg a tha aithnichte ann an saoghal a’ chiùil traidiseanta mar Fraser Stone, Ingrid Henderson agus Donald Shaw a bhios gan ullachadh airson nan cuairtean chiùil aca.

 S e amas na Cèilidhean air Chuairt obair agus cothroman leasachaidh phroifeiseanta a thoirt do luchd-ciùil òga agus a bhith 'g obair le buidhnean agus gnìomhachasan ionadail ann a bhith a’ leasachadh cothroman a thaobh turasachd chultarail. Tha Cèilidhean air Chuairt air a bhith stèidhichte a-nis airson sia bliadhnaichean, agus am bliadhna gheibh àiteachan agus luchd-èisteachd air feadh na Gaidhealtachd agus na h-Eileanan buannachd bho sgilean nan luchd-ciùil òga thàlantach. Tòisichidh na Cèilidhean air Chuairt le cuirm-ciùil aig Ostail Àrd-Sgoil a’ Phluic air 3 Iuchar aig 7.30f.  


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
This page was updated on 26/06/2008 10:22:26. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Web design by Pelican Design Consultants. Powered by Sitekit CMS.