Buidheann Dràma Air Chuirt Mhòr sna Sgoiltean Ghàidhlig
14 February 2008

Tha Meanbh-chuileag, a' bhuidheann-dràma aig Fèisean nan Gàidheal, air an rathad an-dràsta le dealbh-chluich ùr beòthail a bhios a’ tadhal air cha mhòr gach sgoil Ghàidhlig air feadh na dùthcha thairis air na seachdainean a tha romhainn. 

Tha an dealbh-chluiche ag amas air clasaichean 4 gu 7 sa bhun-sgoil Ghàidhlig, ach tha e cuideachd freagarrach do chloinn nas òige.

Tha Fògarraich na Grèine, a chaidh a sgrìobhadh le Seònaid NicDhòmhnaill, a' togail chuspairean cudromach agus inntinneach mu shlàinte na Cruinne. An e ar dòigh-beatha a tha ag adhbhrachadh nan atharrachaidhean seo? No an e rud nàdarra a th' ann? Ceistean duilich, ach le taic bho na prìomh charactaran, Daibhidh agus Uilleam, cuiridh an luchd-èisteachd an t-Ollamh ceart!

Cluinnidh sinn cuideachd bho charactaran eile, leithid Winfred, Inuit òg à Alasga, a dh'innseas dhuinn mu na h-atharrachaidhean a chunnaic e thàr nam bliadhnaichean. Gheibh sinn a-mach mu dheidhinn cumhachd na grèine agus cumhachd nan tonnan, mu ghasaichean greenhouse agus mu mhathain-gheala. Mu dheireadh, 's ann an urra ris an luchd-èisteachd fhèin a tha e taghadh a dhèanamh air dè bu chòir dèanamh airson stad a chur air èiridh nan tonnan...

A thuilleadh air an dealbh-chluich fhèin, gheibh na sgoilearan bùth-obrach a bhios a' togail air cuid de na puingean as cudromaiche.

Tha dithis chleasaiche san dealbh-chluich: Darren Macilleathain (An t-Eilean Sgitheanach), agus Daibhidh Byrne (Inbhir Nis). Chaidh an dealbh-chluich a stiùireadh le Calum Rothach agus Dougie Beck, le taic bho Ruairidh MacNeacail (À Eden). Eadar 4 Gearran agus 20 Màrt, bidh na balaich a' tadhal air cha mhòr 60 bun-sgoil Ghàidhlig, anns gach ceàrnaidh de dh'Alba. Gheibhear clàr-ama airson na cuairte aig deireadh a' bhratha seo.

Mar a thuirt Dougie Beck, Oifigear Pròiseict Meanbh-chuileag: "Tha sinn a' faireachdainn gu bheil e air leth cudromach gum faigh sgoilearan òga ann am foghlam tro mheadhan nan Gàidhlig cothrom dealbhan-cluiche a leithid seo fhaicinn sna sgoiltean aca fhèin; tha sinn a' dèiligeadh le cuspair anabarrach cudromach an seo – cuspair a tha a' bualadh oirnn uile."

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig; “Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith an-sàs barrachd is barrachd ann an leasachaidhean dràma na Gàidhlig, agus tha sinn air leth toilichte gu bheil e air a bhith comasach dhuinn taic a chumail dhan aon chompanaidh dràma Gàidhlig a tha ag obair ann am foghlam thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh.  Tha cruaidh fheum air an t-seòrsa obrach a tha seo far a bheil clann anns na sgoiltean Ghàidhlig a’ cluinntinn na Gàidhlig ann an dòigh neo-fhoirmeil, spòrsail.  Bu chòir dhan t-seirbheis seo a bhith na pàirt gu math cudromach de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus bu chòir barrachd den leithid a bhith a’ tachairt a-measg leasachaidhean eile air a bheil feum ann an saoghal dràma na Gàidhlig aig ìre coimhearsnachd agus ìre proifeiseanta.”

Chaidh a' chuairt seo a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Comhairle na Gàidhealtachd le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
This page was updated on 14/02/2008 11:27:43. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Web design by Pelican Design Consultants. Powered by Sitekit CMS.